Dàn (le John Cornford, air a chur an Gàidhlig)
A chridhe ’n t-saoghail gun chridhe,
A ghaoil cridhe, ’s e mo smuain
Ortsa ’m pian ri mo thaobh,
Faileas fuaraidh do mo shùil.
Tha ghaoth ag èirigh feasgar,
Comharradh foghar a bhith faisg,
Tha eagal ormsa do chall,
Eagal orm rom fhiamh.
A’ mhìle mu dheireadh gu Huesca,
An fheansa mu dheireadh ro ar n-uaill,
Biodh do smuain coibhneil, a ghaoil,
Gur saoileam nach eil thu bhuam.
’S ma leagas mì-shealbh mo neart
Anns an uaigh staoin,
Cuimhnich na ’s urrainn dhut dhen mhath;
Na dìochainich mo ghaol.